Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

㋡ Capercaillie - Fear a' Bhata (Irish) | Текст песни и Аккорды

Pesni.guru - сайт для Гуру

Séist:
Fhir a' bhàta, na hóro eile
Fhir a' bhàta, na hóro eile
Fhir a' bhàta, na hóro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an déid thu

'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta
An dig thu 'n-diugh na 'n dig thu màireach
'S mar dig thu idir gur truagh a tha mi

Tha mo chridhe-sa briste brùite
'S tric na deòir a ruith o m' shùilean
An dig thu nochd na 'm bi mo dhùil riut
Na 'n dùin mi 'n doras le osna thùrsaich?

'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu na 'm bheil thu sàbhailt
Ach 's ann a tha gach aon dhiubh 'g ràitinn
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut

Gheall mo leannan dhomh gùn dhen t-sìoda
Gheall e siud agus breacan rìomhach
Fàinn' òir anns am faicinn ìomhaigh
Ach 's eagal leam gun dèan e dìochuimhn'

Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort
Bidh tu m' aisling anns an oidhche
Is anns a' mhadainn bidh mi 'gad fhaighneachd

Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh
Cha ghaol bliadhna 's cha ghaol ràithe
Ach gaol a thòisich nuair bha mi 'm phàiste
'S nach searg a chaoidh gus an claoidh am bàs mi

Tha mo chàirdean gu tric ag innseadh
Gum feum mi d' aogas a leig' air dìochuimhn'
Ach tha 'n comhairle dhomh cho dìomhain
'S bi tilleadh mara 's i toirt lìonaidh

Bidh mi tuille tùrsach deurach
Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh
Guileag bàis aic' air lochan feurach
Is càch gu lèir an dèidh a trèigeadh


Другие названия этого текста
  • Capercaillie - Fear a' Bhata (ирландский язык) (0)
  • ㋡ Capercaillie - Fear a' Bhata (Irish) (0)
  • Capercaillie - Fear a' Bhata (ир) (0)
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1
Видео
  • Fear a'Bhata (Capercaillie) Fear a'Bhata (Capercaillie)
    The beautiful Capercaillie song "Fear a'bhata" together with best-loved photos from ...
  • "Fear a' Bhàta" - CAPERCAILLIE "Fear a' Bhàta" - CAPERCAILLIE
    Recorded at The Old Fruitmarket Glasgow for Celtic Connections. Karen Matheson - vocals ...
  • Talitha Mackenzie - Fear A' Bhata (A Celtic ... Talitha Mackenzie - Fear A' Bhata (A Celtic ...
    Track: Fear A' Bhata Track Number: 5 Artist: Talitha Mackenzie Album: A ... The enduring ...