O mo dhuthaich' stu th'air m'aire
Uibhist chumhraidh ur anan gallan,
Far a faighte na daoin' uaisle,
Far 'm bu dual do Mha 'ic Ailein.
Tir a' mhurain, tir an eorna
Tir 's am pailt a h-uile seorsa
Far am bi na gillean oga
Gabhail oran 's 'g ol an lionna
Thig iad ugainn, carach, seolta
Gus ar mealladh far ar n-eolais;
Molaidh iad dhuinn Manitoba,
Duthaich fhuar gun ghual, gun mhoine.
Cha leig mi leas a bhith 'ga innse,
Nuair a ruigear, 'sann a chithear,
Samhradh goirid foghar sitheil,
Geamhradh fada na droch-shide
Nam biodh agam fhin de storas
Da dheis aodaich, paidhir bhrogan
Agus m'fharadh bhith 'nam phoca
'Sann air Uibhist dheanainn seoladh.
Capercaillie еще тексты
Оценка текста
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1