Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Catherine-Ann MacPhee - Clach Agus Màiri | Текст песни

Ref: Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
Dhen darach làidir shùbailte;
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre.

Siud far an robh 'n sgioba neònach
Ghabh an t-aiseag aig an t-Sròma,
A shealltainn air mnaoi-uasail chòir,
Bha còir aice thaobh dùthchais air.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Bha Teàrlach Friseal Mac an Tòisich,
'S Màiri nighean Iain Bhàn nan òran,
Coinneach Beag is Eachann Òg,
'S an t-òigear 'Clach na Cùdainn' innte.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Thuirt a' 'Chlach' rium fhìn cho stàirneil,
"Fuirich thusa muigh, a Mhàiri,
Gun tig Calum air do thàillibh -
Bheir thu àite triùir a-mach.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

"Ged tha m' athair-sa ri àbhachd,
Chan eil cùram air mu Mhàiri,
Bheir iad sinn gu caladh sàbhailt,
Thar nan tonnan dùbh-ghorm."
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Nuair a ràinig sinn an fhàrdach,
Cha robh Fearchar còir an làthair;
Dh'fhàg e dìleab aig a chàirdean
Bhios gu bràth na chliù aca.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Catherine-Ann MacPhee еще тексты


Видео
Нет видео
-
Оценка текста
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1