Soraidh leis an àit' An d'fhuair mi m'àrach òg, Eilean nam beann àrda Far an tàmh an ceò; Air am moch a dh'éireas Grian nan speur fo ròs, A' fuadach neul na h-oidhche Soillseachadh an Stòrr.
Tha 'n sneachda is an neòinean A' pògadh beul ri beul, Shamhradh is a gheamhradh Ann an ceann a chéil'; Canach air do mhòintich, 'S lògar air gach fèith, Muran air do chruachain, 'S luachair air do rèisg.
Creag Shniadhasdail nam biatach, Fraigh-shnighe sìos gu bonn, Cruinneachadh na loch San seòladh coit is long; ‘S ged bhiodh neach le prosbaig, Chan fhaiceadh e a ghrunnd; Bhon nigh Fionn a chasan, Dh’fhàg e ‘n t-uisge donn.
Seinneadh gach fear-ciùil Le mùirn a dhachaidh fhéin, ‘S cumaibh suas a cliù Ma bhios ur cùrsa réidh; Ach cha ghabh sinn mùiseag Os ur cionn gu léir, Nach eil spot as cùbhr’ Air an laigh driùchd o nèamh.