A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn
A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort Gur tric mi 'cuimhneachadh ort 's mi m'ònar Ged a shiubhlainn gach ceum dhe'n t-saoghal Bidh t' iomhaigh bòidheach 'tighinn beò gach taobh dhiom
'S truagh nach robh mi 's mo Mhàiri bhòidheach Ann an gleannan faoin 's ceò air Ged bu rìgh mi 's an Roinn-Eòrpa Chan iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach
Ach chìthear féidh air sgéith 's na speuran 'S chìthear iasg air àird nan sléibhtean Chìthear sneachda dubh air gheugan Mum faicear caochladh tighinn air mo spéis dhut
Guma slàn dha mo Mhàiri bhòidheach Ge b'e àite 's am bidh i 'chòmhnaidh 'Se mo dhùrachd cho fad 's is beò mi Gum bidh gach sòlas aig Màiri bhòidheach