Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

James Graham - Far An Robh Mi'n Raoir | Текст песни

FAR AN ROBH MI 'N RAOIR

Air a sheinn le Iain R. Dùghlas

Cha n 'eil fios aig duin' air thalamh
far an robh mi'n raoir,
Cha robh leam ach Mairi Ailein
far an robh mi'n raoir;
Fhuair mi gealladh bho mo chailleig -
beul nach canadh foill -
Ann an gleannan caoin a' bharraich
far an robh mi'n raoir.
Bha na h-eòin a' seinn le caithream
far an robh mi'n raoir,
Iad a' danns' air bhàrr nam meangan
far an robh mi'n raoir.
Faile cùbhraidh driuchd is meala
dhe gach bad 's a' choill,
Cha robh smùid neo stùr a' bhaile
far an robh mi'n raoir.
Cha robh feum air grèin neo gealaich
far an robh mi'n raoir,
Bàrr nan craobh a' sgaoileadh tharainn
far an robh mi'n raoir;
Le mo ghaol is caoile mala
dh'fhan mi seal dhe'n oidhch'
Measg nan neòinean bòidheach geala
far an robh mi'n raoir.
Cha robh smaoin air maoin no fearann
far an robh mi'n raoir,
Cha robh stòr neo òr air m'aire
far an robh mi'n raoir,
'S cha robh lùchairt riamh air thalamh
ann an dreach 's an loinn
Air am fàgainn sgàil a'bharraich
far an robh mi'n raoir.
Bidh mi cuimhneachadh ri m'mhaireann
far an robh mi'n raoir,
'S air an oigh bho'n d'fhuair mi gealladh
far an robh mi'n raoir;
Gus an cairear mi 'san anart
cha tig smal no foill
Air mo ghràdh do Mhàiri Ailein,
's far an robh mi'n raoir.

ABOUT LAST NIGHT

As sung by Iain R Douglas

None can tell in all the world
Where I was last night ...
No-one there but Mary Allan
Where I was last night ...
Sweet the pledge made by my darling
Whose nature knows no guile
In that sheltered, wooded glen -
Where I was last night
Wild birds sang in joyful chorus
Where I was last night
They danced on every branch and bough
Where I was last night
Fragrant scent of dew around us
In that leafy glade
There was no smoke or city dust -
Where I was last night
We needed neither sun nor moonlight
Where I was last night
The spreading boughs provided shelter
Where I was last night
Among the delicate white daisies
I tarried for a while
With my love, that sweetest maiden
Where I was last night
We cared not for wealth or asset
Where I was last night
Nor did I think of worldly treasures
Where I was last night
Not for any stately palace
Sumptuous or not
Would I have left that shaded grove
Where I was last night
My heart will forever remain
Where I was last night
And with the girl whose pledge I secured
Where I was last night
Until my dying hour
Nothing shall destroy or diminish
The love I feel for Mary Allan
And for where I was last night

James Graham еще тексты


Видео
Нет видео
-
Оценка текста
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1