'S e mis' bhith fada bho thìr m' eòlais Chuir le bròn gu gluasad mi Bhon tha an cianalas gam leòn Gun eòlaich a bhith mun cuairt orm Feuchaidh mi ri teud mo bheòil An cuir i 'n òrdugh duanag dhomh Air Uibhist ghleannach, ghorm an fheòir 'S air pàirt de dhòigh an t-sluaigh a th' ann
Mullach Langais nuair a chì mi Bheir i inntinn shuaimhneach dhomh 'S aotrom a ghearras mi sìnteag Dìreadh ris a' ghualainn aic' Nochdadh sìos ri tìr an aigh 'S ri taighean blàth an t-sluaigh a th' ann 'S ri Eilean Mhorghaidh air an tràigh Ged 's tric muir-làn 'ga chuartachadh
'M Paibeil far an do bhlais mi tràth Air bàidh na màthair bhuanghradhaich Far am fàs an t-eòrna 's fheàrr Gu diasach, gràinneach, dualanach Dh'àraich iomadh laoch gun sgàig 'S na bàird a b' fheàrr a chuala sinn Bidh e tighinn gum chuimhne ghnàth Gach coibhneas bàidh a fhuair mi ann
Bu bhrèagha sealladh sa mhìos Mhàigh Na raontan làn de ghruagaichean Air an aghaidh fiamh a' ghàire 'S air an gàirdean buaraichean Dol dhan bhuailidh leis na laoigh Nì geum cho binn 's a chuala sinn An crodh gam freagairt aig a' chuidh' 'S gum b' àrd a chluinnte nuallraich iad
An Cille Mhoire 'n am an òrduigh 'S an àm nam bòrd a chuartachadh Dhìreamaid ri leathad Phòil 'S bhiodh sealladh brònach, truasal ann Sean is òg a' sileadh dheòir Air tolmain bhòidheach uainbhratach 'S a' smaointinn air luchd-dàimh nach beò Bhith siud fo 'n fhòd air fuarachadh
Mnathan ciatach, tosdach, ciallach Modhail, rianail, luathlamhach Càite nise 'n cualas riamh A' spìocaireachd ri fuaite riu'? 'S minig a thaisbean iad am fialachd 'S iomadh dhìomh le truacantas Gur tric thug iad don acrach biadh Is àite-dìon bhon fhuachd thoirt dha
Tìr mo dhaoine, tìr mo ghràidh Ged theireadh càch gur duanaidh i Cha do dhealraich grian air àite Leth cho àlainn snuadh rithe 'S ged nach fhaicear innte craobh Gu faicear fraoch is luachair innt' Agus muran dubhghorm na raon 'S iad taobh ri taobh gu cuaileanach
Tha cuid sliabh mar bha iad riamh Gu fasgach, feurach, fuaranach Cnocach, gleannach, sgorach, grianach Lusach, riasgach, cruachanach Far am faigh a' chaora dìol 'S gun èis gum biadh i h-uan orra 'S bheir iad daonnan don fhiadh A dheoch, a bhiadh, 's a chluasagan
Tha 'n sealladh mu dheireadh den ghrèin 'S i 'n dèidh gach speur a chuartachadh Air fhaicinn na mo dhùthaich fhèin 'S i moch ag èirigh suas oirre Crìochnaichidh mi 'n diugh mo sgeul 'S e tìm a ghèill san uair seo dhomh 'S ged gheibhinn dusan saoghal fèidh Cha chuir mi 'n cèill gach buaidh a th' oirr'
1 Being so far from the land I know Is what has stirred me in my sadness Because nostalgia wounds me Since there are none around me of the folk I know I will touch the harp-strings of my voice To see if it can fashion a little song for me About green, grassy Uist of the glens And something of the way of the people who live there
When I see the crest of Langais My spirits rise My leap will be light As I climb its shoulder Looking at the splendid land below me With the houses of the warm-hearted folk who live there Seeing Morghaidh on the strand The island that the full tide so often goes 'round