Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Julie Fowlis - Moladh Uibhist (Mar a tha mo chridhe 2005) | Текст песни

'S e mis' bhith fada bho thìr m' eòlais
Chuir le bròn gu gluasad mi
Bhon tha an cianalas gam leòn
Gun eòlaich a bhith mun cuairt orm
Feuchaidh mi ri teud mo bheòil
An cuir i 'n òrdugh duanag dhomh
Air Uibhist ghleannach, ghorm an fheòir
'S air pàirt de dhòigh an t-sluaigh a th' ann

Mullach Langais nuair a chì mi
Bheir i inntinn shuaimhneach dhomh
'S aotrom a ghearras mi sìnteag
Dìreadh ris a' ghualainn aic'
Nochdadh sìos ri tìr an aigh
'S ri taighean blàth an t-sluaigh a th' ann
'S ri Eilean Mhorghaidh air an tràigh
Ged 's tric muir-làn 'ga chuartachadh

'M Paibeil far an do bhlais mi tràth
Air bàidh na màthair bhuanghradhaich
Far am fàs an t-eòrna 's fheàrr
Gu diasach, gràinneach, dualanach
Dh'àraich iomadh laoch gun sgàig
'S na bàird a b' fheàrr a chuala sinn
Bidh e tighinn gum chuimhne ghnàth
Gach coibhneas bàidh a fhuair mi ann

Bu bhrèagha sealladh sa mhìos Mhàigh
Na raontan làn de ghruagaichean
Air an aghaidh fiamh a' ghàire
'S air an gàirdean buaraichean
Dol dhan bhuailidh leis na laoigh
Nì geum cho binn 's a chuala sinn
An crodh gam freagairt aig a' chuidh'
'S gum b' àrd a chluinnte nuallraich iad

An Cille Mhoire 'n am an òrduigh
'S an àm nam bòrd a chuartachadh
Dhìreamaid ri leathad Phòil
'S bhiodh sealladh brònach, truasal ann
Sean is òg a' sileadh dheòir
Air tolmain bhòidheach uainbhratach
'S a' smaointinn air luchd-dàimh nach beò
Bhith siud fo 'n fhòd air fuarachadh

Mnathan ciatach, tosdach, ciallach
Modhail, rianail, luathlamhach
Càite nise 'n cualas riamh
A' spìocaireachd ri fuaite riu'?
'S minig a thaisbean iad am fialachd
'S iomadh dhìomh le truacantas
Gur tric thug iad don acrach biadh
Is àite-dìon bhon fhuachd thoirt dha

Tìr mo dhaoine, tìr mo ghràidh
Ged theireadh càch gur duanaidh i
Cha do dhealraich grian air àite
Leth cho àlainn snuadh rithe
'S ged nach fhaicear innte craobh
Gu faicear fraoch is luachair innt'
Agus muran dubhghorm na raon
'S iad taobh ri taobh gu cuaileanach

Tha cuid sliabh mar bha iad riamh
Gu fasgach, feurach, fuaranach
Cnocach, gleannach, sgorach, grianach
Lusach, riasgach, cruachanach
Far am faigh a' chaora dìol
'S gun èis gum biadh i h-uan orra
'S bheir iad daonnan don fhiadh
A dheoch, a bhiadh, 's a chluasagan

Tha 'n sealladh mu dheireadh den ghrèin
'S i 'n dèidh gach speur a chuartachadh
Air fhaicinn na mo dhùthaich fhèin
'S i moch ag èirigh suas oirre
Crìochnaichidh mi 'n diugh mo sgeul
'S e tìm a ghèill san uair seo dhomh
'S ged gheibhinn dusan saoghal fèidh
Cha chuir mi 'n cèill gach buaidh a th' oirr'

1
Being so far from the land I know
Is what has stirred me in my sadness
Because nostalgia wounds me
Since there are none around me of the folk I know I will touch the harp-strings of my voice
To see if it can fashion a little song for me About green, grassy Uist of the glens
And something of the way of the people who live there

When I see the crest of Langais
My spirits rise
My leap will be light
As I climb its shoulder
Looking at the splendid land below me
With the houses of the warm-hearted folk who live there
Seeing Morghaidh on the strand
The island that the full tide so often goes 'round

Julie Fowlis еще тексты


Видео
Нет видео
-
Оценка текста
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1