Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Julie Fowlis - Smeorath Chlann | Текст песни

Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò,
Hoilibheag hilibheag hò-rò ì,
Hoilibheag hilibheag hò-aill-il ò,
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mì.

Smeòrach mis’ air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail,
Gun deòrachd a thèid na ’s fhaide,
Truimid mo bhròn, thòirleum m’ aigne.

Smeòrach mis’ air mullach beinne
’G amharc grèin’ is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille -
Bidh mi beò air treòdas eile.

Ma mholas gach eun a thìr fèin
Cuim thar èis nach moladh mise
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar,
An tìr bhiadhchar, fhialaidh mhiosail?

‘N tìr nach caol ri cois na mara,
An tìr ghaolach, chaomhnach, channach,
An tìr laoghach, uanach, mheannach:
Tìr an arain, bhainneach, mhealach.

An Cladh Chomhghain mise rugadh,
’N Àird an Rùnair fhuair mi togail,
Fradharc a’ chuain uaibhrich chuislich,
Nan stuagh guanach cluaineach cluiceach.

Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m’ altrum -
Buidheann nan seòl ’s nan sròl daithe,
Nan long luath air chuantaibh farsaing,
Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlaslann.

Другие названия этого текста
  • Julie Fowlis - Smeorath Chlann (0)
  • Julie Fowlis - Smeorach Chlann Domhnaill (The Mavis of Clan Donald) (0)
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1
Видео
  • JULIE FOWLIS 'Danns' A Luideagan Odhar ... JULIE FOWLIS 'Danns' A Luideagan Odhar ...
    Julie Fowlis Performing the song 'Danns' A Luideagan Odhar' ('Dance Dun- Coloured ...