Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Mànran - Latha Math | Текст песни

Ref: Latha math air an Eilean
Eilean Leòdhais mo Ghràidh
Latha math air an Eilean
Dachaigh mo smuaintean gu bràth

Ag èirigh tràth anns a' mhadainn
A' ghrian a' deàrrsadh sìos
Tha àile na mara a' tighinn tron uinneig
Tha h-uile duin' an àirde

Tha an abhainn làn le pailteas uisge
Tha am bradan a' tighinn a-rithist
Tha na balaich bheaga shios air an drochaid
Feuch an glac iad aon no dhà

Tha an t-Earrach ann 's na làithean fada
Tha na h-uain a' ruith mun cuairt
Tha na bodaich a-muigh a' buain na mònach
Tha an t-àm sin air tighinn a-rithist

Tha a' ghealach shuas 's a' ghrian na cadal
Tha an oidhche nis air tighinn
Tha e sàmhach is ciùin tron an Eilean
Tha e math a bhith beò
Tha e math a bhith beò

Mànran еще тексты


Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1
Видео
Нет видео
-