Fo sgàil a’ Chaisteil Lèith, Suilbheinn mar a chanar rith’, Cluinnear guth binn Sheumais mar shluaisreadh Tràigh Ach’ Mhealbhaich.
A-mach gu muir am bàta leinn san Caiptean aig an stiùir, Fear sgairteil calma Tioraisdeach san ceòl aige ar n-iùl.
Griogair còir am pìobaire, seinneadair is sgrìobhadair, A’ togail cliù sa’ seasamh dlùth ri cànan ’s ceòl a shinnsir.
Tha Norrie òg Tàgo ann, is djembe aig’ fo achlais, Drum’ a bh’aig na tùsanaich an eachdraidh sgire Chàrlabhaigh.
C. A. Mac a’ Mhaoilein, a shliochd o Bhàrd Chnoc Chùsbaig, Cluinnear dàimh ri Eilean Fraoich ‘s na rannan aig na dhuanaig.
Farewell and adieu to ye fair Spanish ladies, soraidh slàn is beannachd leibh. Tha Gillebrìd’ an deidh ur fàgail a thighinn a sheinn leis na laoich.
Chaneil fileantachd nam bhriathran, tha liut a’ bhàird gam dhìth, san òran bheag aotrom seo ris a bheil mi strì; Lùiginn fiathachadh thoirt dhuibh falbh leinn air chuairt tro gach sgìr’, ’s Mairi Anna le ceann na maide rinn, nar cliar air feadh na tìr’.