Chorus (after each verse): Dh'fhalbh mo nighean chruinn, donn Bhuam dha 'n Iùraidh Dh'fhalbh mo nighean chruinn, donn Cneas mar eal' air bhàrr thonn Och 's och, mo nighean donn A dh'fhàg mi-shunnd orm
'S truagh nach robh mise 's mo ghaol Ann an gleann cùbhraidh 'S truagh nach robh mise 's mo ghaol Ri uisg' ann 's ri gaoith 'S fo shileadh nan craobh Bhitheamaid sunndach
Nam biodh agamsa spréidh Bhithinn glè chùirteil Nam biodh agamsa spréidh Feadh bheann is feadh sléibh B' ùr a gheibhinn thu fhéin 'S cha bu chéil' ùmpaidh
Ged tha thusa an tràth-s' Ann an Gleann Iùraidh Ged tha thus' ann an tàmh Tha d' aigne fo phràmh Agus mise gun stàth Le do ghradh ciùrrte
Bheir mo shoraidh le gràdh Bhuam dha 'n Iùraidh Bheir mo shoraidh le gràdh Fhios na h-òigh' rinn mo chràdh 'S on nach mar leath' mar a thà Tha i fhèin tùrsach
Chan eil aice mar chéil' Ach am fìor ùmpaidh Chan eil aice mar chéil' Ach sean bhodach gun spéis 'S e mar ghearran o fhéill Doirbh, breun, brùideil