Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Mary Jane Lamond - É Horò | Текст песни

Nuair a sheasas mi 's an dorust
Chì mi 'choille bhos mo chinn
Sìnidh mo shùilean air sileadh
Tha mo mhisneachd air a claoidh

Sèist: Chorus (after each verse):
É ho rò 's 'na bheil air m'aire
'S mór an nochd a tha mi 'caoidh
Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort
Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn

'Sann agam fhìn a bha na bràithrean
Bi mi 'ga àireamh a chaoidh
'S truagh nach robh mi aig a' charraig
Nuair a dh'éibh iad soraidh leibh

Nuair a ràna' sinn 'n "Table"
Mo chuideachd gu léir ann cruinn
Mo phiuthar 's mo bhràthair-céile
'S gun stiall eudaich air an druim

Seiche na bà air a cairteadh
'S air a càradh air mo dhruim
Mi air stàbhradh leis an acaras
Col'as a' bhàis a' tighinn air m'aghaidh

Nam biodh agam cliabh 's corran
Feamain iseal 's m'eathar fhìn
Cha bhiodh mo chlann air a' bhrochan
'S an tìr mhosach 'gamo chlaoidh

Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1
Видео
Нет видео
-