Tha mulad, tha mulad Tha lionn-dubh arm fhéin Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Tha de mhingin air m'aire Nì nach aidich mo bheul Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
M'an àganach ghasda ùr Mharcach nan steud Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó M'an taca seo 'n uiridh Bu thoil leat m' fhuran ro cheud Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
Cha mhò ort mi'n blìadhna Na eunlaith nan speur Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Chan inns mi dha m' phiuthair Meud mo chumh as do dhéidh Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
Na dha m' mhàthair a rug mi Chuir mi cudthrom 'na ceum Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Tha sac trom air mo chridhe Nach tog fìdheall nan teud Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
Ach a Mhairead nan cuiread 'S dàn a chuir tha arm breug Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Thilg thu arm-sa mar aileis Nach b'uilear dhomh 'm bréid Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
Gu robh leanabh am pasgadh Fo asna mo chéibh Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Cuim nach innseadh tu'n fhìrinn Mar a dh'innsinn ort fhéin Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
Ann an làthair mo thighearn Far am bithinn 's tu réidh Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Thilg thu arm-sa mar dhearrais Gu robh m'athair an éis Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
Cha b'ionnan dha m'athair 'S dha d' athair-sa fhéin Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó Cha b'ionnan dha'n taighean 'N àm laighe do'n ghréin Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó
'S ann a gheibhte 'n taigh d'athar-s' Cinn is cnamhan an éisg Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó 'S ann a gheibhte 'n taigh m'athar-s' Cinn is casan an fhéidh Hì rì rì rì o ho, roho hì hoireann ó