Dorch a-nochd tha 'n t-Eilean Dathan air am fuadach far nam beann Tha faileas a' tuiteam bhon an Stor Mar t-fhalt dorch a' sguabadh do cheann
Horo Mhàiri ò Horo Mhàiri ò Horo Mhàiri ò 'S mi 'gad ionndrainn ho ro
Dè math an tobar gun an t-uisge Dè math an corp gun cridh' Nam biodh neart an Stoir 'nam làmhan Bhiodh sinn le'r cheile's an t-Eilean a rithis
Horo Mhàiri ò Horo Mhàiri ò Horo Mhàiri ò 'S mi 'gad ionndrainn ho ro
'S doch nach fhaigh sinn nèamh no beatha eile Nuair a dhùineas sùilean aig deireadh là Ach fhuair mi mo nèamh an seo's an àite Far an d'thug thu dhomh do làmh's do cridhe slàn
Horo Mhàiri ò Horo Mhàiri ò Horo Mhàiri ò 'S mi 'gad ionndrainn ho ro