Tha samhradh bliadhna eile air tighinn Ach cha thog mo ghrian an àird Mo chasan trom 's iad ag iarraidh dhachaidh 'S m'inntinn dol mu'n cuairt Tha mi fallain, tha mi òg Ach lag 's mi bàthadh gun do phòg Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
Bho am gu àm bidh mise a' coiseachd N'am ànrachd sìos an t-sràid Mi smaoineachadh air abhainn fhada Tha laighe fad' bhon rathad 'S i gu bhith làn le bric a' snamh 'S tachais dian na mo làimh Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh.
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
Nuair a thuiteas oidhche orm 'Se àm as miosa a th'ann Mise laighe na'm mo leabaidh 'S thusa 'nam mo cheann Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh 'S tu 'nad shìneadh ri mo thaobh Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh.
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh