Cha b' e sneachda 'san reòthadh bho thuath Cha b'e crannadh geur fuar bho'n ear Cha b'e uisge 'san gailleon bho'n iar Ach an galair a blen bho'n deas Blàth, duilleach stoc agus freumh Cànan mo threubh 's mo shluaidh.
Séist Thig thugainn, thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nam Féinn Thig thugainn, thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal
‘S iomadh gille thug greis air a' chuibhl' ‘S an dubh-oidhche thog fonn Gàidhlig a' chridh ‘S iomadh gaisgeach a' bhrosnaich 'sa bhlàir Gu euchd nuair bu teòtha bha'n strì O Ghàidheil! O caite ‘n deach d'uaill ‘Nad Chìne 's ‘nad chànan 's do thir?
Sèist
Ged theich i le beath' as na glinn Ged ‘s gann an diugh chluinntear i nas mo O Dhuthaich MhicAoidh fada tuath Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bo Gigheadh dhi na h-Eileanan Siar Bi na claidheamh ‘s na sgiath ‘nad dhòrn.