O, chì, chì mi na mòrbheanna; O, chì, chì mi na còrrbheanna; O, chì, chì mi na coireachan, Chì mi na sgoran fo cheò.
Chì mi gun dàil an t-àite 'san d' rugadh mi; Cuirear orm fàilte 'sa chànan a thuigeas mi; Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam, Nach reicinn air thunnachan òir.
Sèist
Chì mi ann coilltean; chi mi ann doireachan; Chì mi ann màghan bàna is toraiche; Chì mi na fèidh air làr nan coireachan, Falaicht' an trusgan de cheò.
Sèist
Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean; Sluagh ann an còmhnaidh is còire chleachdainnean; 'S aotrom mo cheum a' leum 'gam faicinn; Is fanaidh mi tacan le deòin.
Sèist
Fàilt' air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachnach; Fàilt air na còrr-bheannaibh mòra, mulanach; Fàilt' air na coilltean, is fàilt' air na h-uile - O! 's sona bhith fuireach 'nan còir.