Puirt-a-beul set by Julie Fowlis
’S Toigh Leam Fhìn Buntàta ’s Ìm
’S toigh leam fhìn buntàta ’s ìm,
’S toigh leam fhìn na caileagan,
’S toigh leam fhìn buntàta ’s ìm
Is nìghneagan a bhaile seo.
Tha Fionnlagh ag Innearadh
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh ’s a mhàthair
A’ ràcadh na h-innearach.
Theab Màiri a mharbhadh,
A mharbhadh, a mharbhadh,
Theab Màiri a mharbhadh
Fon an eallach arbhair. (x 2)
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh ag innearadh,
Tha Fionnlagh le bhriogais odhar
A’cur fodh’ na h innearach.
Hùg Oiridh Hiridh Hairidh
Hùg oiridh hiridh hairidh,
Hùg oiridh Maireabhal,
Hùg oiridh hiridh hairidh,
’S buaidheach na taighean ann.
’S brèagha na taighean sglèat,
’S brèagha na glainneachan,
’S brèagha na taighean sglèat
Thog iad ann am Maireabhal.
Dh’fhaighneachd mi ’m faighinn dram:
Theann iad ri fanaid orm
“Seinnse san taigh ud thall,
’S cabhraich an crannachain.”
Nìghneagan air an tràigh:
Bràighdeanan iomairt orra;
Nìghneagan air an tràigh:
Plàtaichean murain orra.
Hùg Oiridh Hiridh Hairidh
Hug oiridh hiridh hairidh
Hug oiridh, Maireabhal,
Hug oiridh hiridh hairidh
Bonnie are the houses there.
Хелависа еще тексты
Оценка текста
Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1